Caisteal Chiosmuil, Barraigh3D ModelNoAI
Tha Caisteal Chiosmuil, dachaigh ceann-cinnidh Clann MhicNèil Bharraigh, ag innse dhuinn mu nàdar tighearnas Gàidhlig sna meadhan-aoisean. Tha ainm a’ chaisteil, daingneach a tha suidhichte air creag, a’ ciallachadh ‘caisteal creag a’ bhàigh bhig’.
Bho thùs b’ e taigh tùir le trì làir a bh’ anns a’ chaisteal, a thogadh sna 1400an agus anns an robh an ceann-cinnidh a’ fuireach. Bha balla cùirteir mar fhraoidhneas air a’ chreig bhig air an robh Ciosmuil a’ seasamh, a’ cuairteachadh cùirt-lios le a chuid fo-thogalaichean, nam measg talla fèiste, caibeal, taigh an tànaisteir (oighre), agus taigh an fhir-faire.
Chaidh a’ mhòr-chuid de na togalaichean ùrachadh sna 1900an, le taigh an tànaisteir air a chur gu feum mar dhachaigh teaghlaich Clann MhicNèill.
Taobh a-muigh a’ bhalla cùirteir, ri taobh an lamraig thùsail, tha stèidh taigh an sgioba far an robh na maraichean a bha a’ seòladh bìrlinn a’ chinn-cinnidh a’ fuireach.
Tha modail Beurla ri fhaighinn an seo.
Pròiseact Rae|PIC333
3 comments