Taigh Talmhainn Grain, Linn an Iarainn, Arcaibh3D ModelNoAI
Is e structar fo-thalamh bho Linn an Iarainn a th’ ann an Taigh Talmhainn Grain (no ‘Taigh-làir’), a lorgadh taobh a-staigh raon gnìomhachais Hatston air tìr-mòr Arcaibh.
Tha e air a dhèanamh suas de thrannsa cloiche lùbte a tha a’ leantainn gu seòmar cruinn, mu 2m fo uachdar na talmhainn. Tha tolman nuadh ga chòmhdach os cionn na talmhainn.
Tha coltas gun deach a thogail sa chiad mhìle-bliadhna BC. Tha cladhachaidhean air taisbeanadh gun robh e aig aon àm mar phàirt de thuineachadh nas motha, anns an robh dàrna taigh talmhainn nas lugha. Chan eil fios carson a bha e air a chleachdadh, agus dh’fhaodadh gun do dh’atharraich e rè ùine. Is dòcha gun robh e cleachdte airson stòras sa chiad àite, ach dh’fhaodadh cleachdaidhean eile a bhith co-cheangailte ri gnìomhachd deas-ghnàthan.
Chaidh a chladhach ann an 1857 le Farrer agus Petrie, agus lorgadh fiodh loisgte, maoraich agus cnàmhan bheathaichean taigheil ann.
Pròiseact Rae | PIC296
Comments